Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid air aontachadh taic-airgid luach £20,000 a thoirt do dh’Fhèisean nan Gà idheal, a’ bhuidheann a tha a’ toirt taic do agus a’ cur chothroman ionnsachaidh air dòigh airson ceòl traidiseanta, seinn Ghà idhlig agus drà ma ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ.
Leis an taic bhon Chomhairle, ’s urrainn do dh’Fhèisean nan Gà idheal maoineachadh a bharrachd a thoirt a-steach; mar thoradh air gach £1 de thaic a bheir a’ Chomhairle seachad, thèid £5.40 a chosg air seirbheisean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ san sgìre.
Tha maoineachadh na Comhairle a’ tighinn bhon bhuidseat airson Leasachaidhean Coimhearsnachd (£15,500) agus bhon bhuidseat shònraichte aig na Seirbheisean Foghlaim airson ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ (£4,500) agus tha an taic-airgid airson na bliadhna 2019/20.
Am measg nan iomairtean a gheibh taic bhon airgead seo tha grunn Fhèisean, Cèilidh Earra-Ghà idheal air Chuairt agus Fèis Drà ma Earra-Ghà idheal.
Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson Choimhearsnachdan, Taigheadais, nan Eileanan agus ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ: “Tha Fèisean nan Gà idheal glè mhath air cur ris an taic-airgid a gheibh iad bhon Chomhairle.
“Tha a’ Ghà idhlig air a bhith freumhaichte gu dlùth ann an eachdraidh is cultar Earra-Ghà idheal is Bhòid o chionn fhada, agus tha e fìor chudromach gun tèid an cà nan a ghleidheadh agus gum bi daoine air am brosnachadh gu bhith ga cleachdadh. Chan e a-mhà in gu bheil an obair aig Fèisean nan Gà idheal a’ cur dìon air ar dualchas, ach cuideachd tha iad a’ toirt misneachd don òigridh agus gam brosnachadh a bhith moiteil às a’ chultar aca.
“Tha sin uile a’ toirt bhuannachdan thar ùine fhada do ar coimhearsnachdan, ar n-eaconamaidh agus do sgìre Earra-Ghà idheal is Bhòid.â€
To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/gaelic/2019/jun/f%C3%A8isean-funding-secured-201920